Cruth-atharrachadh UHI
Rùn UHI: Buaidh chruth-atharrachail a bhith againn air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh ar roinnean.
Is e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) an t-oilthigh as òige ann an Alba agus tha e na stiùiriche air feadh na cruinne ann am foghlam treas-ìre. Tha sinn moiteil às ar com-pàirteachas sònraichte de cholaistean, ionadan rannsachaidh le cliù eadar-nàiseanta agus ionadan teagaisg sònraichte. A bharrachd air dìreach oilthigh traidiseanta, tha UHI a’ tabhann measgachadh fiùghantach de fhoghlam adhartach is àrd-ìre, rannsachadh aig ìre chruinneil agus iomlaid eòlais, air a lìbhrigeadh tro ar lìonra farsaing de cholaistean agus com-pàirtichean sònraichte.


Tha compàirteachas UHI a’ dol tro àm atharrachaidh inntinneach, agus tha sinn airson ur beachdan a chluinntinn. Tha sinn a’ rannsachadh mholaidhean tràth airson com-pàirteachas nas amalaichte gus ar misean agus ar prionnsapalan stèidheachaidh a neartachadh. Seo an cothrom agad pàirt chudromach a ghabhail ann a bhith a’ cumadh àm ri teachd UHI.
Faigh tuilleadh a-mach nar geàrr-iomradh conaltraidh Cruth-atharrachaidh UHI.