Cùl-fhiosrachaidh
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a’ tòiseachadh air cruth-atharrachadh dàna gus leudachadh air cothroman acadaimigeach agus luach eadhon nas motha a lìbhrigeadh dha na h-oileanaich, an luchd-obrach agus na coimhearsnachdan againn. Tha eachdraidh phròiseil againn ann a bhith a’ toirt seachad foghlam àrd-inbhe, rannsachadh agus iomlaid eòlais air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.
Tha ar rùn soilleir - a bhith a’ toirt buaidh chruth-atharrachail air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidhean ar roinnean. Gus seo a thoirt gu buil, tha Cùirt an Oilthighe agus prionnsapalan com-pàirteach air gealltainn buidheann nas amalaichte agus nas aonaichte a chruthachadh. Neartaichidh am mean-fhàs ro-innleachdail seo ar comas air coinneachadh ri feumalachdan oileanaich, luchd-obrach agus prìomh luchd-ùidhe eile agus aig an aon àm a’ doimhneachadh na tha sinn a’ cur ri leasachadh roinneil.
Mar phàirt den turas seo, tha sinn air Dreachd Cùis Gnothachais a leasachadh gus com-pàirteachas nas aonaichte agus amalaichte àrach. Is e ar n-amas na co-dhùnaidhean as fheàrr a dhèanamh airson ar n-oileanaich, luchd-obrach agus coimhearsnachdan fhad ’s a tha sinn a’ gluasad air adhart. Tha conaltradh le oileanaich, luchd-obrach agus luchd-ùidhe aig ìre thràth deatamach, gus dèanamh cinnteach gum bi atharrachaidhean sam bith a thathar a’ moladh nam buannachd dha-rìribh do chom-pàirteachas UHI.
Tha sinn a’ toirt cuireadh dhut ath-sgrùdadh a dhèanamh air geàrr-iomradh conaltraidh Cruth-atharrachadh UHI againn, a’ mìneachadh mholaidhean tràth airson com-pàirteachas nas amalaichte. Is e ullachadh air Làn Chùise Gnothachais an ath chlach-mhìle chudromach, a thathar an dùil a chur a-steach gu bùird stiùiridh com-pàirteachaidh agus Cùirt an Oilthighe nas fhaide air adhart am-bliadhna. Bidh prìomh phàirt aig do bheachdan ann a bhith a’ leasachadh na Làn Chùise Gnothachais.
Feuch gun gabh thu mionaid airson do bheachdan a cho-roinn tron t-suirbhidh air-loidhne againn. Còmhla, is urrainn dhuinn institiud nas làidire, nas beòthaile a thogail a bhios dha-rìribh a’ frithealadh feumalachdan ar roinnean.